Se inneal ciùil a tha ann an Cruit air a dhèanamh le fiodh agus cruaidh. Se an t-ainm eile air an inneal ciùil seo clàrsach.
Chan eil cinnt sam bith ann mu dhéidhinn ciall an fhacail "cruit" bho thùs. Faodar a ràdha le cinnt gu robh am facal riamh air a chleachdadh airson an ionnsramaid ris an can sinn a' chlàrsach Ghàidhealach. Chan eil fhios againn le cinnt dé seòrsachan de chlàrsaichean a bha againn ann an Alba, Éirinn agus Eilean Mhanainn anns na linntean mus robh clàrsach Ghàidhealach ann mar a tha againn an diugh i.
Anns a' Chuimrigh, tha an aon fhacal (canaidh iadsan crwth) ga chleachdadh airson ionnsramaid eile a tha na sheòrsa de liora s chan e clàrsach. Dh'fhaodadh gu bheil an inneal Cuimreach seo coltach ri seann inneal Ghàidhealach eile, an tiompan, a chaidh a bith gun sgeul.
Gaoth-ionnsramaidean | Alpenhorn • Clàirneid • Còrn Sasannach • Cruit • Duiseal • Feadag • Fliùiteag • Obo • A' Phìob Mhòr • Torm-fheadan |
Ionnsramaidean pràise | Cimbasso • Dùdach • Euphonium • Flugelhorn • Sacsafon • Sousaphone • Tiùba • Trombaid • Trombon • Trombon dùrd |
Ionnsramaidean-theud | Ailt • Bainsio • Beus-fhìdheall • Beus-ghiotàr • Clàrsach • Fìdheall • Tromb-beòil |
Ionnsramaidean-bheuma | Bòdhran • Druma |
Ionnsramaidean clàir-iuchrach | Bogsa-ciùil • Bogsa-phutan • Bogsa-piàna • Clabha-chòrd • Consairtean • Cruit-chòrda • Òrgan • Piàno |
Eile | Bogsa-ciùil • Conachag |