Cuingealach | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 23′ 50″ Tuath 03° 46′ 42″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 158 (2001) |
Àireamh fòn | 01659 |
Duilleag oifigeil | Cuingealach aig Visit Scotland |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air na crìochan le Lannraig a Deas, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cuingealach (Beurla: Wanlockhead). Tha e suidhichte aig 490m os cionn ìre na mara,[1] air an àirde an ear-thuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Abington agus An t-Seann Chathair, ri taobh an Uillt Uisge Cuingealach. 'S e am baile as àirde ann an Alba air fad[2] a th' ann. 'S e Beurla a th' ann a' chiad chànain aig a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cuingealach. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile san sheann sgoil, taigh-òsta[3] agus taigh-tasgaidh[4] anns a’ bhaile. Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann is feumar a dhol dhan sgoil ann am Bigear, leis nach eil ach 158 duine a' fuireach shuas an seo.[5] Bidh e daonnan gu math doirbh an seo sa gheamhradh.