'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Andrew Bowie BP.
Thogadh e ann an Siorrachd Obar Dheathain is dh'fhrithealaich e anns a' chabhlachd Rìoghail airson trì bliadhna gus dh'fhàillig e an deuchainn ann an seòladaireachd.[1] Chaidh a thaghadh airson Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn ann an 2017 agus a-rithist ann an 2019 is e na bhall Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba.[2] Bha e na bhall dhen comataidh na h-obrach is nam peinnsean eadar an Dàmhair 2017 agus an t-Òg-mhios 2018 is e na bhall dhen comataidh cùisean na h-Alba on Cèitean 2020.[3] Chaidh e na leas-chathraiche Pàrtaidh Tòraidheach an Rìoghachd Aonaichte anns an Iuchar 2019.[4] Leig e suas an dreachd seo ann an 2021 an dèidh do chùis Owen Paterson.[5]