Comannachas | |
![]() | |
Fiosrachadh | |
Luchd-stèidhichidh | Karl Marx Friedrich Engels Gracchus Babeuf Antonio Gramsci |
Beachdan | |
Ceannardan | Iosif Stalin Mao Zedong Imre Nagy Vladimir Lenin Leon Trotsky Fidel Castro Che Guevara Kim Il-sung Hồ Chí Minh Josip Broz Tito |
Linn | 20mh–21mh Linn |
Buidhnean | ![]() ![]() Kommunisták Magyarországi Pártja Kommúnistaflokkur Íslands Pàrtaidh Comannach Chùba ![]() Pàrtaidh Comunnach Romàinia |
Dùthchannan | ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() ![]() |
'S e beachd-smuainealas sòisealta, poileataigeach agus eaconomach a tha ann an co-mhaoineas. 'S e meur sòisealachd a tha airson saoghal gun chlasaichean agus seilbheachadh pearsanta a chruthachadh. Anns an fhicheadamh linn, bha cuid mhath dhen stàitean anns an t-saoghal fo smachd phàrtaidhean a bha gan ainmeachadh fhèin "co-mhaoineach" agus a' tagairt gun robh na stàitean ann an tìde trastach, tìde sòisealachd eadar calpachas is co-mhaoineas. Ron Dàrna Chogadh bha am Faisisteachas a' sabaid na aghaidh, gu seachd àraidh ri linn Cogadh Sìobhalta na Spàinne. B' iad na stàitean a bu chudromaiche dhiubh an t-Aonadh Sobhiat (bha a' chuid a bu mhotha den stàitean "co-mhaoineach" anns an Roinn-Eòrpa fo smachd an Aonaidh) agus Sìona. A rèir Karl Marx,[1] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh. B' e meur cho-mhaoineis 's a bh' ann an Stalineachd.