Cotonou | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Littoral |
Co-chomharran | 06° 21 36' Tuath 02° 26 24' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 761,137 (2006) |
Àireamh fòn | + |
'S e Cotonou am baile as motha a tha ann am Beinin. Anns a bhliadhna 2006 bha 761,137 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. Tha Cotonou suidhichte anns an ear-dheas na dùthcha eadar an Cuan Siar agus an Loch Nokoué. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 22' Tuath agus 2° 26' Ear. [1] Tha Cotonou 25km air falbh bho Phorto Novo, 136km bho Lomé (Togo), 639km bho Abuja (Nìgeiria, 798km bho Niamey (Niger) agus 798km bho Ouagadougou (Burkina Faso).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 53m os cionn ìre na mara.[3]
Ged as e Porto-Novo am prìomh-bhaile na dùthcha, tha mòran togalaichean pàrlamaideach agus seirbheisean dioplòmasach ann. Mar sin canar gur e Cotonou de facto am prìomh-bhaile a tha ann am Beinin. 'S e an Autonomous Port of Cotonou am port mara as cudthromaiche den dùthaich. Tha am port-adhair nàiseanta Cadjehoun Airport agus rathad-iarainn (gu Parakou) ann an Cotonou cuideachd.