'S e Duais Nobel ann an Leigheas an Duais as cudromaiche san t-saoghail airson rannsachadh fìor-mhath anns an leigheas no anns a' bheò-eòlas (Suainis: Nobelpriset i fysiologi eller medicin). 'S e aon de na còig duaisean a chuir Alfred Nobel air bhonn anns an tiomnadh aige ann am 1895 (Ceimigeachd, Leigheas, Litreachas, Fiosaigs agus Sìth).[1]
Bidh an Karolinska Institute anns an t-Suain a' dèanamh an taghaidh agus bidh iad a' toirt an duais do na luchd-rannsachaidh gach bliadhna. Bheirear seachad e air 10 an Dùbhlachd mar cuimhneachan bliadhnail air bàs Nobel.[2] Bha naoi bliadhnaichean ann nuair nach deach an Duais a thoirt seachad (1915–1918, 1921, 1925, 1940–1942).
Gheibhear gach buannaiche bonn-cuimhne, dioplòma, agus suim airigd a dh'atharraich thar nam bliadhnaichean.[3] 'S e Emil Adolf von Behring às a' Ghearmailt a' chiad duine a fhuair a' chiad Duais ann an 1901.
Nuair a bhuannaich Gerhard Domagk (1939), às a' Ghearmailt, cha do leag an Riaghaltas Gearmailteach leis an duais a ghabhail. Fhuair e an dèidh greis am bonn-cuimhne agus dioplòma ach cha d'fhuair e an t-airgead.[4]
Tha trì boireannaich deug air an duais a bhuannachadh: Gerty Cori (1947), Rosalyn Yalow (1977), Barbara McClintock (1983), Rita Levi-Montalcini (1986), Gertrude B. Elion (1988), Christiane Nüsslein-Volhard (1995), Linda B. Buck (2004), Françoise Barré-Sinoussi (2008), Elizabeth H. Blackburn (2009), Carol W. Greider (2009), May-Britt Moser (2014), Tu Youyou[5] agus Katalin Karikó (2023).