Hunndaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain |
Co-chomharran | 57° 27′ Tuath 2° 47′ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,412 (2001) |
Àireamh fòn | 01466 |
Duilleag oifigeil | Huntly |
'S e baile beag ann an ear-thuath na h-Alba a tha ann an Hunndaidh (Beurla: Huntly).[1][2] 'S e Srath Bhalgaidh neo Srath Bhalgan na seann ainmean a bh' air.[1]
Tha e ann an Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain (Siorrachd Obar Dheathain ro 1975). Tha e mu 38 mìltean (62 km) san àird an iar air Obar Dheathain. Tha Hunndaidh na laighe eadar dà abhainn, Uisge Dubh-Éireann agus Abhainn Bogie.
Ann an 2020 bha 4550 duine a' fuireach an seo.[3]