B' e eòlaiche-fiosaig à Sasainn a bha ann am Paul Adrien Maurice Dirac. Tha e ainmeil airson an obrach aige air teòirig shònraichte na dàimheachd agus meacanaigs quantumach, stadastaig Fermi–Dirac, an co-aontar Dirac, am foincsean delta Dirac, comharradh Dirac le camagan, mar sin air adhart.
Rugadh e ann am Bristol ann an 1902. Bha a mhàthair à Sasainn is athair às an Eilbheis. Dh'ionnsaich e einnseanaireachd dealain agus matamataig aig Oilthigh Bhristol agus sgrìobh e an tràchdas làmh-sgrìobhte aige aig Oilthigh Chambridge[1] far an deach e na ollamh ann an 1932.[2] Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs còmhla ri Erwin Schrödinger ann an 1933.[3] Thug e òraidean aig Oilthigh Phrinceton ann an 1934–1935, far an do thachair e ri Margit Wigner, piuthar Eugene Wigner, a phòs e ann an 1937 is fhuair a cloinne Judith is Gabriel Andrew an sloinneadh Dirac. Leig e dha an dreuchd aige ann an 1969 agus dh'imrich e do Fhlorida, far an deach e na ollamh aig Florida State University.[4]