Porto Novo | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Benin |
Sgìre | Ouémé |
Co-chomharran | 06° 29 50' Tuath 02° 36 18' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 110 km² |
Àireamh-shluaigh | 223,552 (2002) |
Dlùths | 2,032.29/km² |
'S e prìomh-bhaile Bheinin a tha ann an Porto-Novo, ainm eile: Hogbonou neo Adjacé. Tha e suidhichte ann an ear-dheas na dùthcha aig an Gulf of Guinea, aig 40m os cionn ìre na mara.[1] Mar sin dheth tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 28' Tuath agus 2° 36' Ear. [2] Tha Porto Novo 25km air falbh bho Chontonou, 131km bho Lomé (Togo), 614km bho Abuja (Nìgeiria), 784km bho Niamey (Niger) agus 796km bho Ouagadougou (Burkina Faso).[3]
'S e an dàrna bhaile as motha a tha ann am Beinin. 'S e Cotonou am baile as motha agus as cudthromaiche a tha ann, o choinn's gu bheil an riaghaltas an sin. Canar gun deach Porto-Novo a stèidheachadh anns an 16mh linn leis an rìgh Te-Agdanlin à Allada. Thàinig ainm a' bhaile às a' chànan Portagailis, tha e a’ ciallachadh “port ùr”. Chaidh Porto-Novo a chleachdadh mar àite-malairt le tràillean.