Rotterdam
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Zuid-Holland (An Òlaind a Deas) | ||||
Co-chomharran | 51° 55 18' Tuath 04° 28′ 52 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 319 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 616,003 (2011) | ||||
Dlùths | 1,931.04/km² | ||||
Àireamh fòn | +31 (0)10 | ||||
Duilleag oifigeil | www.rotterdam.nl |
'S e baile mòr agus port cudromach air àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Rotterdam (IPA: ˌrɔtərˈdɑm, Portagailis: Roterdão). Tha e suidhichte aig -4m fo ìre na mara,[1] aig beul na h-aibhnichean Rhein, Meuse agus Scheldt, anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho Dhen Haag (Prìomh-bhaile na dùthcha), 58km bho Amsterdam, 48km bho Utrecht agus 201km bho Ghroningen.[2] Tha 616,003 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, a' ciallachadh gur e an dàrna baile as motha san dùthaich,[3] ach tha mu 1,300,000 anns an sgìre air fad. Tha am port an sàs ann an eaconomaidh na Roinn Eòrpa air fad air sàilleabh a dheagh lìonra chòmhdhail leis A’ Ghearmailt, An Fhraing agus A' Bheilg.