'S e seanailear, seanalair air neo oifigeach coitcheann (Fraingis: capitaine général) seòrsa shaighdear àrd-ìre a tha os cionn cheuman-inbhe eile anns an Arm, an Cabhlach neo feachd eile. 'S ann fo sheanailear a bhios feachd a tha nas motha na rèisimeid. Mar as àbhaist, 's ann dhan a' bhùirdeasachd neo dhan iar-fhlaitheachd a bhuinneas seanailear, leis cho cumhachdail 's a tha iad agus an trèanadh sònraichte fo armachd a gheibh iad ann an sgoiltean mar Sandhurst ann am Breatainn agus West Point anns Stàitean.[1]