'S e litir Greugach airson na cainnte Bactris a tha ann an ϸ no sho.
An dèidh do dh'Alasdair Mòr Bactria a bhuinnigeadh, chaidh an Aibidil Ghreugach a chleachdadh an sin, is chleachd iad an litir ϸ airson na fuaime coltach ri 's' eadar fuaimreagan caola sa' Ghàidhlig.[1]
Tha caractaran U+03f7 is U+03f8 a' riochdachadh sho ann an Unicode.[2]