Tha còig eileamaidean deug ann an sreath nan actanach, bho actinium do lawrencium.
Chan eil iad cho choltach ri chèile is rin sreath nan lantanach air sgàth 's gu bheil barrachd na trì eileagtronan deiseil do gach atam airson ceimigeachd ann an iomadh actanach, ach tha na h-atam-chuairtean 5f cudromach anns an ceimigeachd. Tha gach actanach rèidio-bheò. Cleachdar uranium agus plutonium ann am bomaichean niùclasach agus ann an stèiseanan-cumhachd niùclasach.
Lorgar actinium, torium, protactinium agus uranium anns an Talamh. 'S ann fuadain a tha na h-actanach eile.