Windhoek
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | Khomas Region | ||||
Co-chomharran | 22.56° Deas 17.09° Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 645 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 230,000 (2006) | ||||
Dlùths | 356.59/km² | ||||
Àireamh fòn | 061 | ||||
Duilleag oifigeil | windhoekcc.org.na/ |
'S e prìomh-bhaile Naimibia a tha ann an Windhoek,(IPA: /ˈvɪntˌhʊk/). Tha e suidhichte air taobh tuath Khomas Highlands, air an àirde an iar na dùthcha, aig 1,687m os cionn ìre na mara.[1] 'S e àite-malairt cudhtromach a th’ ann, gu h-àraidh le craiceannan-caoraich. Tha Windhoek 1,581km air falbh bho Luanda (Angola), 1,420km bho Lusaka (Saimbia), 928km bho Ghaborone (Botsuana) agus 1,175km bho Phretoria (Afraga-a-Deas).[2]
Anns na 1850mh thòisich Captain Jan Jonker Afrikaner air a bhith a' fuireach faisg air aon de na tobraichean le uisge teth, an t-àite far a bheil Klein-Windhoek (Windhoek beag) an-diugh. Ach canar gur ann aig an 18mh an Dàmhair 1890, nuair a chaidh am baile fhèin a stèidheachadh. Thòisich Von François an dùn Alte Feste (Seann Dùn) a thogail. Nuair a dh’ fàs Naimibia neo-eisimeileachd bho Afraga a Deas anns a’ bhliadhna 1990, chaidh an riaghaltas a stèidheachadh anseo.
Tha dà phort-adhair aige: