An t-Eilean Sgitheanach

An t-Eilean Sgitheanach
A' coimhead deas bhon Chuith-Raing, an t-Eilean Sgitheanach.
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Sgìre A' Ghàidhealtachd
Innis-mhuir Na h-Eileanan a-Staigh
Co-chomharran 57.30˚ T
6.23˚ I
Comharradh-clèithe NG452319
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,656.25 km²
Àireamh-shluaigh 10,008 (2011)
Dlùths 6.04/km²

Tha an t-Eilean Sgitheanach (far-ainm: Eilean a' Cheò) na laighe an iar air tìr-mòr siorrachdan Inbhir Nis agus Rois agus dealaichte bhuapa le caolas cumhang ris an canar An Linne Shlèiteach.

’S e seo an t-eilean as motha air taobh siar na h-Albann, ach a-mhàin Leòdhas agus na Hearadh ann an Innse Gall. Canar cuideachd “Eilean a' Cheò” mar far-ainm air. Chan eil an t-Eilean Sgitheanach idir ’na phàirt de “Innse Gall”, oir chan eil an t-ainm sin a’ toirt a-steach ach na h-eileanan a-muigh.

’S e eilean mòr a th' ann - 1,656.25 cilemeatair ceàrnach. Ann an 2011 bha 10,008 duine a' fuireach anns an eilean agus mar sin dh'fhàs àireamh muinntir an eilein bho 9,232 duine anns a' bhliadhna 2001.[1]

  1. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015

An t-Eilean Sgitheanach

Dodaje.pl - Ogłoszenia lokalne