Maputo
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Mozambique | ||||
Ceàrn | Maputo fhèin | ||||
Co-chomharran | 25° 58 01' Deas 32° 34 59' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 346 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,099,102 (2007) | ||||
Dlùths | 3,176.6/km² | ||||
Àireamh fòn | + 258 21 |
'S e prìomh-bhaile Mhòsaimbic a tha ann am Maputo (seann ainm: Lourenço Marques). Tha e suidhichte aig inbhir Abhainn Tembe aig a' Chuan Innseanach agus tha port-mara cudthromach aige.Tha Maputo 444km air falbh bho Phretoria (Afraga-a-Deas), 150km bho Mbabane (Dùthaich nan Suasaidh), 1,338km bho Lilongwe (Malabhaidh), 2,225km bho Dhodoma (Tansainìa), 920km bho Harare (Zimbabwe), agus 1,255km bho Lusaka (Saimbia).[1] Anns a’ bhliadhna 1997 bha 966,837 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. 'S e seo an co-chomharran aige: 32°35' Ear agus 25°58' Deas. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 47m os cionn ìre na mara.[2]