Roinn Eilbheiseach

‘S e buidheann poiliteagach riaghladh anns An Eilbheis a th’ann an Roinn Eilbheiseach (Eadailtis: Cantone, Fraingis: Canton, Gearmailtis: Kanton, Rumantsch: Chantun). Tha Co-fhlaitheas na h-Eilbheis air a stèidheachadh air siostam na roinnean sin. Ghabh An Eilbheis leis an t-siostam gu math feadarail na roinnean sin mar a tha iad an latha an-diugh ann an 1848 is bha airgead, feachdan armachd agus crìochan aig na roinnean ro làimhe co-dhiù.[1] Ged an robh iad uile am broinn, gu beachdail, Iompaireachd Naomh Ròmanach nan Gearmailteach (Laideann: Sacrum Romanum Imperium), bha iad air a bhith neo-eisimeileach bhon a chuir An Eilbheis ruaig air arm an Iompaire Maximilian I ann an 1499. Tha structar agus cruth nan roinnean uabhasach eadar-dhealaichte, bho dìreach 37km² gu ruige 7,105km², is àireamhean-sluaigh cho beag mar 14,000 air a’ char as lugha gu ruige còrr is 1,200,00 ann an Zürich. ‘S e leis na roinnean a tha a h-uile dleastanas poiliteagach nach eil air a sgrìobhadh ann an Bun-Reachd na dùthcha, is ‘s e na roinn a cho-dhùineas na dleastanasan a bheirear dha na bailtean: le sin, tha diofaran mòra ann taobh na cumhachdan a tha aig na bailtean bho roinn gu roinn. Bidh dà roinn a chumail an Deamocrasaidh fosgailte poblach gus an latha an-diugh.[2]

  1. Dictionnaire Historique de la Suisse
  2. ISIL

Roinn Eilbheiseach

Dodaje.pl - Ogłoszenia lokalne