Our website is made possible by displaying online advertisements to our visitors.
Please consider supporting us by disabling your ad blocker.

Responsive image


Assendelft

Assendelft
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich Na Tìrean Ìsle
Sgìre Noord-Holland
Co-chomharran 52° 28 00' Tuath
04° 44 23' Ear
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 23,459 (2017)
Àireamh fòn +31 (0) 756
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile meadhanach mòr ann an cridhe nan Tìrean Ìsle a th’ ann an Assendelft.

B' e sgìreachd fa leth (Duitsis: gemeente) a bh' ann gu ruige 1974 nuair a chaidh a chur ri chèile le Zaanstad. Tha e suidhichte air iomall Amsterdam, ri taobh a' chanàl Binnendelf, a shruthas dhan Noordzeekaal (Gàidhlig: Canàl na Mara a Tuatha), eadar Zaandam agus IJmuiden, aig -5m fo ìre na mara,[1] anns an roinn Noord-Holland.[2] Tha 23,459 duine a' fuireach ann.[3] Rugadh am peantair Jan Saenredam (1565 - 1607) an seo.[4] Ged nach eil Amsterdam ach pìos beag air falbh bho Assendelft, tha an t-àite uabhasach fhèin dùthchail agus 's ann às a' bhaile a tha a' chearc ainmeil assendelfter.[5] A bharrachd air sin, 's ann ann an Assendelft a tha am prìomh-rathad (Duitsis: Dorpsstraat) as fhaide san dùthaich.[6]

  1. Falling Rain
  2. Kuyper. J. (1865-1870) Gemeente Atlas van Nederland, Assendelft. Mapa na sgìre bho 1868.
  3. Statline
  4. Rijksmuseum: “Pieter Jansz. Saenredam(nl, en.). Air a thogail 22mh dhen Chèitean 2017.
  5. Assendelfter en Noord-Hollandse Blauwen Club
  6. Hart van Nederland

Previous Page Next Page






اسينديلفت ARZ Assendelft CEB Assendelft Czech Assendelft English آسن‌دلفت FA Assendelft French Assendelft FY Assendelft Italian Assendelft Dutch Assendelft Polish

Responsive image

Responsive image