Our website is made possible by displaying online advertisements to our visitors.
Please consider supporting us by disabling your ad blocker.

Responsive image


Cromba

Cromba

Cromba, sealladh air a' phort-mara
Suidheachadh
Cromba is located in Alba
Cromba
Cromba (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 40′ 51.6″ T
4° 2′ 6″ I
Comharradh-clèithe NH785675
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 719 (2001)
Àireamh fòn 01381
Còd-puist IV11

'S e baile ann an Ros an Ear a tha ann an Cromba (Beurla: Cromarty)[1]. Tha e suidhichte air an Eilean Dubh aig inbhir Linne Chrombaidh. Tha Inbhir Ghòrdain mu 5 mìltean air falbh air an taobh eile den linn.

Anns a' bhliadhna 2001 bha 719 duine a' fuireach an seo[2]. Tha port-mara aig Cromba agus tha a' chuid as motha den bhaile, eadar Shore Street agus Marine Terrace na raoin-ghlèidhteachais[3]. Ear air a' bhaile tha aon de na Sùdraichean Chrombaigh (Sutors of Cromarty) ann. Bha Cromba na phrìomh-bhaile den t-Siorrachd Chromba.

Bha dualchainnt sònraichte de dh'Albais ga bruidhinn ann an Cromba a bha cumanta a-measg nan iasgairean[4]. Ged-tà, chaochail am fear mu dheireadh aig an robh an cànain, Bobby Hogg, anns an Dàmhair 2012 agus mar sin chaidh an cànain a bith [5][6]. Chaidh an dualchainnt a chlàradh le "Am Baile"[7].

  1. Cromba/Cromarty”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2017.
  2. Comparative Population Profile: Cromarty Locality(Beurla). Scotland's Census Results Online. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2017.
  3. Cromarty(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.
  4. Cramb, Auslan: “Brothers are last to speak dialect”. Ann an: The Telegraph, 21mh dhen Ghearran 2007. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2017. 
  5. Satter, Raphael (4mh dhen Dàmhair 2012): “Scottish man dies, taking town’s unique dialect with him,” ann an: The Toronto Star. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2017.
  6. Hamilton, Jamie (11mh dhen Dàmhair 2012): “Last native speaker of Scots dialect dies - CNN.com,” ann an: CNN. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2017.
  7. Dualchainnt iasgairean Chrombaidh(Beurla). Am Baile. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2017.

Previous Page Next Page






Cromarty CEB Cromarty CY Cromarty German Cromarty English Cromarty Spanish Cromarty EU Cromarty French Cromba (baile) GA Cromarty Italian クロマーティ Japanese

Responsive image

Responsive image